BEOWULF (A’ CHIAD EARRANN)
Seadh. Anns na làithean a dh'fhalbh
bha iad dana agus neartmhor, na cinn-cinnidhean agus an cuid feachd
Tha sinn air cluinntinn mu na rinn na laoich sin, sliochd Dhanmairg
Bha fear ann, Sheafson nan Sgiath, a rinn sgiùirseach air iomadach treubh
Tric a chreach e tàlla far an robhas ag òl mil-dheoch, air chaoich am measg a naimhdean
'S ann air a thàinig an dà latha, uamhas fir nan lann
'S e tàcharan a bh' ann bho thùs, ach thuigear a chuid luach
leis mar a dh'fhàs a chumachd
Aig deireadh an latha bha aig gach cinneadh air an iomall
seachad air slighean nam muicean-mara
ùmhlachd a thoirt dha. Sin aon Rìgh a bha math.
Às dèidh sin, rugadh mac dha Fear nan Sgiath,
cuilean beag, cofhurtachd
a thug Dia dhan t-sliochd sin. Bha fios aige na dh'fhuiling iad
Ùine fhada shàraichte
as aonais Ceann-feadhna.
Thog a' Chruithear an duine seo an àirde
Rugadh mac ainmeil gu Fear nan Sgiath
Bhathas eòlach air Beow fada gu Tuath
Feumaidh flath a bhith fialaidh
fhads' is beò a chuid athair
's gum bi daoine stòlda aig a ghualainn
nuair a thòisicheas an cath
Gun glèidh iad an loidhne, calma agus treun
Tha spèis aig gach neach air a leithid
agus 's e sin an t-slighe gu cumhachd
air feadh nan seachd seuntan.
Bha Sgiath fhathast nearthmhor
nuair a thàinig crìoch air a chuid latha
Dia na thoiseach
Rinn a chuid àrmann na dh'iarr e orra
nuair a dhealbh e lagh na Danmhairg
Chuir iad an cuid gualainnean
ris an long aige, aig an làn
an cuid tighearna a bha fada os an cinn
ceann caol a' bhàta grinn snàidhte
long a bhriseadh deigh, a shiùbhleach na fairge
freagarrach airson Prionnsa ga leithid
Chuir iad na laighe e na chuid bàta
air beulaibh a chrainn, fear a bhuilich na fàinnichean.
Ulaidh bho thall thairis
ga càrnadh air, agus achfhainn cha bheag e.
Cha chuala mi mu long eile cho uidheamaichte
le baill-arm, claidheamhan geura
agus armachd. Chuirear an stòras sin air bòrd; cha bheag an t-slighe
a shiùbhleach i thar nan cuan
Agus a bharrachd air an long fhèin, air an dust
bha iomadach tiodhlac, barrachd na bh' aige
nuair a dh'fhàg a' chiad teaghlach e
agus a bheatha an urra ri Freasdal
agus leig iad às na ròpaichean
Chuir iad bratach òr os a chionn
agus dh'fhalbh an tuil agus an sruth leis, bha iad ga chaoidh
agus fo mhulad le na chaill iad. Chan eil fios aig duine
Aos-dàna no fear nan ceud cath
càite an tàinig i gu tìr.
Agus thuit an dleastanas sin a-nis air Beow, a bhith a' glèidheil nan dùn.
DEIREADH