Na Lochlannaich a' tighinn air tìr ann an Ameireaga.
In trees all over the world, scientists have found traces of a single solar storm. This lets us pinpoint the exact time a tree was cut down to build a house at L’Anse aux Meadows, in Newfoundland.
This post is in Scottish Gaelic. An English language version is available on our Translations page.
“Chuala mi mu lèine sìoda
a chaidh a dhèanamh ann an sia tìrean
aon ghàirdean ann an Eirinn
t’ èile ann an Suòmaidh fada gu tuath
Thòisich clann-nighean à Sasainn e
Chaidh fhighe anns na h-Innse Gall
Chosg Frangach e air an latha a phòs i,
chaidh a dhèanamh air crann-deilbh màthair Óþjóðan.”
“Serk of frák ór silki
ok í sex stöðum gervan: ermr á Íralandi,
önnur norðr með Finnum, slógu Saxa meyjar,
en suðreyskar spunnu, váfu valskar brúðir,
varp Óþjóðans móðir.”
Sàga Örvar-Odds (13mh linn deug)
Tha uaigh ann an Cnip ann an Leòdhas, boireannach Lochlannach. Cha robh duine eile air an amhlaiceadh faisg oirre, chan e cladh a bh’ ann. Càil ach gainmheach agus muir.
Laigh i an sin airson mìle bliadhna, le cìr, sgian, grìogagan ga cuairteachadh agus air a shocair, thòisich tìm a sguabadh a h-uile càil dhen sin às.
Chan eil cuimhne aig duine a-nis cò i agus dè an coltas a bh’ oirre, dè bheireadh gàire oirre, dè a bha i an dòchas faighinn à a cuid beatha.
Ach bha cuideigin ga h-ionndrainn aig an àm. ’S mathaid gun do thiodhlaic iad an sin i agus gun do dh’fhàg iad an t-eilean an uair sin, a’ coimhead an costa a’ dol a-mach à sealladh air an cùlaibh, air an t-slighe gu tuath. Na h-Eileanan Fàro agus Innis Tìle, ‘ s mathaid.
No ’s mathaid gun do thill iad air ais a Lochlann. Lorg iad pìos clò anns an uaigh sin, pàtran agus dòigh fighe a bha gu math cumanta ann an Nirribhidh aig an àm.
Tha gu leòr iomradh ri lorg air na h-Innse Gall ann an Eddas agus Sàgas nan Lochlannach. Thathas a’ smaoineachadh gu bheil iad ’s mathaid a’ coimhead fathann de Ghàidhlig cuideachd ann an cànan Innis Tìle, ’s gu bheil ainmean-àite ann ’s nach ann bho Lochlannais a thàinig iad, ach bhon Ghàidhlig.
Thathas a’ smaoineachadh gun robh am boireannach sin a chaidh a thiodhlaicheadh ann an Cnip beò anns an 10mh linn. Thathas a-nis air dearbhadh gun do thog cuideigin eile, Lochlannach eile, taigh dhaibh fhèin ann an Americaidh timcheall air an àm sin - ann an 1021. Nam cheann, tha ceangal ann eadar na daoine sin agus an cuid sgeulachd.
Chìthear ann an craobhan air feadh an t-soghail, làrach bhon an t-aon stoirm grèine. Tha seo a’ leigeil dhuinn dearbhadh dè dìreach an ràith a bh’ ann, nuair a leag cuideigin a’ chraobh seo gus taigh a dhèanamh dhaibh pèin ann an L’ Anse aux Meadows ann an Talamh an Èisg.
Seo e anns an dealbh seo.
Dealbh le Petra Doeve (The New York Times.)
Gheibhear airtigeal mu dheidhinn an saidheans air cùlaibh seo ann an ‘Nature Magazine’ - fàgaidh mi ceangal aig bonn a’ bhlog.
Bha fios againn gu robh na Lochlannaich ann an Ameireaga fada ro Cholumbus, ach cha robh e air a dhearbhadh buileach cuin dìreach a bha sin. Bha an sgeulachd cuideachd sgrìobhte ann an dà Sàga (na Sgeulachdan mu dheidhinn Vinland).
Ach fiù ‘s leis am fios seo, tha e a’ sealltainn cho duilich ‘s a tha e sgeulachdan atharrachadh nuair a gheibh e greum air inntinn dhaoine. Mar eiseimplair, gun do lorg Columbus Ameireaga.
Tha e a’ sealltainn dòigh smaoineachaidh sònraichte cuideachd a thaobh tìreachais, ag ràdh gur e Columbus a lorg Ameireaga nuair a bha na Aztecs air bailtean mar seo a thogail mus do nochd e. Seo prìomh bhaile nan Aztecs, Tenochtitlan, ann an 1519.
Cò againn a tha cho eòlach air Thorstein, Aug, Eirik agus Leif Eirkisson, ’s a tha sinn air Columbus, Isabela agus Ferdinand?
Ach lorgaidh tu làrach, fathast, Thig fìrinn na sgeòil chun na h-uachdar uaireigin. Nach annasach gu bheil tachartasan a tha aig ìre stoirm grèine, a’ fàgail làraich domhainn anns na rudan a tha sinn a’ cleachdadh, na taighean againn, na baill-achfhuinn againn. Agus gu bheil an tuigse againn ciall a dhèanamh dheth uile.
Tha e mìorbhaileach, a bhith a’ faireachdainn cho faisg air na daoine sin, ’s gu bheil fios againn air cuin dìreach a leag neach craobh gus taigh a dhèanamh ann an l’Anse aux Meadows, agus a h-uile càil a tha a’ dol le sin, cuideigin a’ lorg àite dhaibh fhèin, dachaigh agus blàths’.
Tha mise a’ smaoineachadh, anns an t-aon dòigh, gun lorg thu mac-talla dhen Ghàidhlig, na daoine agus an cànan, a’ ruith tron sgeulachd seo - an t-àm ann an sgeulachd Mhic an Duine, nuair a chuairtich sinn an t-saoghal airson a’ chiad uair.
Chì thu na ceangalaichean sin a’ nochdadh ann am facail a chaidh a sgrìobhadh bho chionn ùine nan creach. A rèir an sgrìobhadair Stephen King, tha sgrìobhadh coltach ri nàdar ‘telepathy’. Ann an deagh sgrìobhadh, tha e ag ràdh, chì thu an dearbh rud a chunnaic an sgrìobhadair.
Faodaidh sinn fhìn leughadh facail na daoine seo, agus chì sinn fhìn mar a tha a’ Ghàidhlig air a shnìomh tron h-uile càil anns an sgeulachd seo, dìreach mar a bha e air a shnìomh anns a’ chiad pìos bàrdachd a dh’ainmich sinn aig toiseach a’ phìos seo.
Tha mi fhìn a’ smaoineachadh gum biodh e rudeigin neònach mura biodh Gàidhlig aig màthair Leif Eirikson. Dè ar beachd fhèin?
SÀGA EIRIK
(a’ chiad phàirt)
Bha Rìgh ann leis an ainm Olaf Bàn, mac Rìgh Ingjald. Chaidh Olaf gu Breatainn, far an do ghabh e Baile à Cliath thairis. Phòs e Aud, an nighean aig Ketil Sròn-Còmhnard agus ’s e Thorstein Ruadh am mac aca.
Chaidh Olaf a mharbhadh ann an Eirinn agus chaidh an uair sin Thorstein agus Aug chun na h-Innse Gall ann an Alba. Còmhla ri Morair Sigurd, ghabh Thorstein thairis Gallaibh, Cataibh, Moireabh agus leth de dh’Earra-ghaidheal.
Chaidh Thorstein a mharbhadh nuair a thrèig na h-Albannaich e. Agus bha Aud ann an Gallaibh nuair a chuala i mu chuid bàs.
Thog i bàta gu dìomhair, ann am meadhan choille agus nuair a bha i deiseil, sheòl i gu Arcaibh agus an uair sin Innis Tìle, le fichead duine air bòrd.
Thàinig iomadach neach uasal à Breatainn a bha a-nis nan tràillean, còmhla rithe gu Innis Tìle. Bha aon fhear ann, Vifil an t-ainm a bh’ air, agus thug Aud a chuid saorsa dha.
Agus is e Eirik Ruadh am mac aig Thorvald agus Aud. Phòs Eirik boireannach leis an ainm Thjodhold agus bha dà mhac aca - Thorstein agus Leif.
Agus lorg Leif Eiriksonn àite air nach robh duine eòlach. Bha achaidhean ann de chruithneachd fhiadhaich, agus crainn-fìonna, agus am-measg nan craobhan bha craobhan-mhalpais. Bha iasg nach gabhadh cunntadh ann an gach abhainn agus anns na coilltean, beathaichean de iomadach seòrsa.
Agus thug iad leotha taghadh dhe na lorg iad. Agus ‘s e Vinland a thug iad air.
DEIREADH.
Seo agaibh ceangal gu Nature Magazine far an leugh sibh mun saidheans :
https://www.nature.com/articles/s41586-021-03972-8
Tapadh leibh! / þökk!
(Tha mi an dòchas gur e seann Lochlannais a th’ ann an sin.)