Seo dealbh-chluich anns an robh sinn an sàs a gheibh sibh air BBC Sounds.
(Tha teans’ gum feum sibh cunntas leis a BhBBC airson èisteachd ris.)
Ceangal an seo:
'Nach Fuar am Poll' air BBC Sounds.
Tha 'Nach fuar a Poll' a' gabhail àite air Eilean Leòdhais, beagan às dèidh a' Chiad Chogaidh. Tha Dòmhnall Chaluim, a bha a' sabaid sa Chogadh, a' buain mhòine le bhràthair Calum. Tha màthair na dithis aca, Mairead, air an tarasgeir le nàbaidh, Ciorstag, air poll a tha beagan astar air falbh bho na fir.
Chan eil Dòmhnall Chaluim cho fosgailte mu dheidhinn ceistean a bhràthair mun Chogadh a fhreagairt. Ach, beag air bheag, tha e a' tòiseachadh a' bruidhinn mu na chunnaic e. Chaill Ciorstag an duine aice fhèin, Tormod, sa Chogadh. Chan eil fios aice dè thachair ris idir. Tha i a' smaoineachadh gu bheil fios aig Dòmhnall Chaluim air na thachair agus nach eil e a' leigeil air.
Fhad 's a tha Dòmhnall Chaluim a' bruidhinn mu na chaidh e troimhe, tha sinn a' tòiseachadh a' tuigse beagan na thachair ri Tormod.
Bha an clàradh seo air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig. Chaidh a chur air an àrd-ùrlar sa chiad dol a-mach le PNE.
Chaidh 'Nach Fuar am Poll' a sgrìobhadh le Chrisella Ross.
CLEASAICHEAN
Dòmhnall Chaluim - Daibhidh Walker
Calum - Iain Beggs
Mairead - Debbie Nicaoidh
Ciorstag - Lana Pheutan.
Chaidh an dealbh-chluich a stiùireadh le Iain MacRath.