This post is in Gaelic. Read the English version here.
Choinnich mi Margaret Fay Shaw ann an Canaidh nuair a bha i timcheall air ceud bliadhna a dh'aois. Bha sinn ga filmeadh airson prògram telebhisean. Chuir sinn seachad trì latha còmhla rithe a' filmeadh agus a' còmhradh, Aonghas Pàdraig Caimbeul a' cur nan ceist. 'S e aon de na rudan as motha a chòrd rium a rinn mi.
Bhruidhinn i mu dheidhin làithean a cuid òige, an teaghlach aice ann am Pennsylvania, mar a ghluais i a dh'Alba agus mar a dhùisg a cuid ùidh ann ann òrain Ghàidhlig. Anns na ficheadan, ghluais i a dh'Uibhist a Deas. Tha an leabhar aice “Folksongs and Folklore of South Uist” làn dhe na h-òrain sin, beul-aithris, sgeulachdan agus fios mun chultar.
Bhiodh sinn a' filmeadh beagan, an uair sin, bhiodh e ag èirigh agus a' cluich a' phiana airson dreis. No bhiodh i a' stad airson smoke bheag. Aig aon uair deug gach latha, dh'fhalbhadh i, agus thilleadh i le tray làn gloinnichean uisge beatha. Chan ann gu chluais a bha am fear air fuaim ga chur.
Bhiodh i dreis gach latha air typewriter, a' sgrìobhadh litrichean. 'S e typewriter 'Imperial' a bh' ann, tha mi a' smaoineachadh, a fhuair i bho Compton Mackenzie ann an 1962. Bhiodh i a' typeadh dìreach mar a bhiodh i a' cluich a' phiana. Thuirt mi sin rithe agus thuirt i, " yes... and I spell by ear extremely well."
Bha piana breagha aice shuas an staidhre agus thuirt mi rithe, 's toil leam am piana sin. Bha 'Broadwood' sgrìobhte air. Thuirt i, "yes, it used to belong to Beethoven." Beethoven, cho nàdarrach.
Bha iomadach rud eile mar sin, timcheall gach còrnair san taigh. Dh'fhaighnich mi mu dheidhinn sgàthannan annasach a bh' ann, agus thuirt i gun deach an dèanamh le POWs Frangach mu àm Cogadh Napoleon.
Bha mi ag obair air rud mu dheidhinn Hiort aig an àm, agus thuirt i gun robb dealbhan aice. Thug i a-mach na dealbhan bha seo, bhon an latha ann an 1930 nuair a dh’fhàg na Hiortaich an t-eilean. Bha i ann. Tha barrachd air còig mìle negative dhe na dealbhan a tharraing i anns an tasglann aice.
Ach 's e dìreach cho dòigheil 's a bha i agus cho dèidheil a bhith am-measg dhaoine, a tha air fuireach leam as motha. Thuirt i gun robh aice a bhith cho cruaidh ri stàilinn Pennsylvania , agus bha aice ri bhith airson dèanamh na rinn i.
Seo an rud bho dheireadh a thuirt i rium.
"Life. Wonderful life. But you've got to do it yourself. You've got to do it all the way yourself."
DEIREADH.